Skipinnish a’ cluich aig Dìleab 2019!
Tha Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar toilichte ainmeachadh gu bheil Skipinnish, a tha a’ comharrachadh 20 bliadhna, a’ cluich aig consairt Dìleab 2019 ann an Ionad Spòrs Leòdhais air Dihaoine 29 Samhain 2019.
Bidh Tumbling Souls agus Face The West a’ cluich còmhla riutha, agus bidh buidhnean ciùil ionadail a’ cluich cuideachd, nam measg bidh Buidheann Fèis “Dual”, Còmhlan Pìobaireachd Òg Leòdhas agus na Hearadh, Coisir Sir E Scott agus Coisir Àrd-sgoil MhicNeacail.
Bidh tiocaidean airson an tachartais rim faighinn air Eventbrite bho 9m air Diluain 7 Dàmhair. Bidh tiocaidean inbhich £25 agus bidh tiocaidean clann fo aois 16, £15. Cha bhi feum aig an fheadhainn a tha a’ gabhail pàirt air tiocaidean, ach cuimhnich gu feum a h-uile neach fo aois 18 a bhith còmhla ri inbheach. Faodaidh gach inbheach triùir fo aois 18 a thoirt a-steach còmhla riutha.
Thuirt Skipinnish: “Tha sinn air ar dòigh a bhith a’ cluich ann an Leòdhas mar phàirt de Dhìleab. Bho thòisich an còmhlan, tha muinntir Leòdhais is na Hearadh air taic mòr a thoirt dhuinn, agus tha sinn uabhasach toilichte a bhith a’ cluich dhaibh mar phàirt den 20mh bliadhna againn còmhla. Tha e an còmhnaidh mìorbhaileach ar prìomh sheinneadair, Norrie MacÌomhair, fhaicinn a’ seinn far na rugadh `s na thogadh e. Tha ceanglaichean teaghlach làidir aig Alasdair Iain Patterson a bhios a’ cluich an clàr-iuchrach, ri Leòdhas, agus bidh na ceanglaichean seo air am faireachdainn gu làidir air an oidhche. Bidh an consairt ann an cuimhne dhaoine airson bliadhnaichean ri thighinn.”
Skipinnish
Thuirt Evelyn Coull NicLeòid, Manaidsear Aonad Ioma-mheadhain, “Tha sinn uabhasach toilichte gu bheil Skipinnish, The Tumbling Souls agus Face The West a’ cluich aig an tachartas. Chaidh aontachadh às dèidh cho soirbheachail `s a bha Dìleab 2018, gun cumadh am pròiseact a’ dol ann an diofar dhòighean, agus bidh oidhche sònraichte math, làn ciùil aig an fheadhainn a gheibh tiocaidean airson an tachartais seo. Gheibh daoine òga cothrom cluich còmhla ri luchd-ciùil ainmeil Albannach, agus bidh sin gu math sònraichte. Tha sinn an dòchas gur e oidhche air leth a bhios ann dhan a h-uile duine.”