Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean 2019!

Tha comataidh Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoilean toilichte ainmeachadh gu bheil Loganair, buidheann-adhair Alba a’ toirt taic dhan a’ cho-fharpais am bliadhna. 

Siubhalaidh mu cheud sgoilear bho air feadh a’ Ghàidhealtachd `s nan Eilean chun an aonamh cho-fharpais air fhichead, ann an Dun Èideann.

Hannah NicLeòid agus Sandy Moireastan bho Àrd-sgoil Mhicneacail, sgioba a bhuannaich Deasbad 2018.

Tha a’ cho-fharpais a’ toirt cothruim air leth do sgoilearan nan sgilean deasbaid agus cànain a leasachadh agus a thaisbeanadh, am measg sgoilearan eile, buidhnean leasachaidh Gàidhlig agus Buill-Pàrlamaid na h-Alba. 

A’ bruidhinn mun naidheachd, thuirt Kay Ryan, Stiùiriche Malairteach Loganair: “Mar Bhuidheann-adhair na h-Alba, tha sinn air leth toilichte taic a chur ris an iomairt seo. Tha Gàidhlig mar phàirt cudromach de Dualchas na h-Alba agus tha sinne pròiseil taic a chumail ri tachartasan a tha a’ toirt cothrom do dhaoine òga gus na sgilean cànain aca a leasachadh.”

Thuirt Cathraiche Comataidh Rianachd an Deasbaid, Calum Iain Macleod:

“‘S e naidheachd shònraichte mhath a tha seo.  Tha sin air leth taingeil do Loganair airson an taic airgid a tha iad a’ toirt dhan a’ cho-fharpais am-bliadhna, a tha a’ sealltainn a-rithist, gu bheil iad dealasach ris a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, agus ri cànan is cultar na Gàidhlig.  Tha sinn cuideachd taingeil do Bhòrd na Gàidhlig, Leasachadh Sgilean na h-Alba, Ughdarras Teisteanas na h-Alba, Foghlam Alba, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Baile Ghlaschu, airson an taic bhuapa am bliadhna a-rithist.  Mura b’ e taic nam buidhnean seo, bhiodh e do-dhèanta cumail a’ dol leis a’ cho-fharpais.

“Mar Loganair, tha co-fharpais Deasbad nan Àrd-sgoiltean a’ toirt cothruim do choimhearsnachdan Gàidhlig a thighinn còmhla, agus a’ toirt sgoilearan Gàidhlig bho air feadh Alba còmhla airson trì latha, ann an Steòrnabhagh, ‘s iad a’ strì an aghaidh a chèile ann an sreath de dheasbadan, a’ feuchainn ris a’ chuairt dheireannach a ruighinn, a bhios air a cumail a h-uile bliadhna, ann an Pàrlamaid na h-Alba, agus a thèid a craoladh beò air Radio nan Gàidheal.

Hannah agus Sandy, sgioba a bhuannaich Deasbad 2018, Evelyn Coull NicLeòid a riochdachadh Comataidh Stiùiridh an Deasbaid, agus neach-obrach Loganair.

Tha a’ cho-farpais seo a’ toirt cothruim air leth do sgoilearan a tha a’ bruidhinn Gàidhlig bho air feadh na dùthcha, fileantaich agus luchd-ionnsachaidh, na sgilean cànain aca a chuir an cèill, agus àrd-ùrlar a thoirt dhaibh, far am faigh na sgoilearan comas labhairt air beulaibh luchd-èisteachd agus an rannsachadh a thaisbeanadh.  Seach gur e Bliadhna nan Cànanan Tùsanach a th’ ann am bliadhna, `s e ar n-amas leantainneach mar chomataidh rianachd, co-obrachadh eadar na sgoiltean agus cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh, agus barrachd de na daoine òga fhaicinn a’ gabhail brath air na cothroman a th’ ann dhaibh.

A’ leantainn bho shoirbheachas Deasbad 2018, far an do bhuannaich Hannah NicLeòid agus Sandy Moireastan bho Àrd-sgoil Mhicneacail, chunnaic sinn co-fharpais agus deasbad aig àrd-ìre, agus tha sinn a-nis a’ coimhead air adhart ri bliadhna eile de dheasbadan inntinneach.

Thuirt Oifigear-Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba Rt. Hon Ken Macintosh MSP:

“Tha Gàidhlig cudromach.  Tha e cudromach gu bheil daoine ga faicinn, ga cluinntinn agus ga cleachdadh taobh a-staigh Pàrlamaid na h-Alba.

Air sgàth ‘s seo, tha sinn pròiseil gu bheil a’ chuairt dheireannach de Dheasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean air a cumail aig Pàrlamaid na h-Alba a-rithist, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri fàilte a chur air feadhainn den luchd-deasbaid Gàidhlig is tàlantach ann an Alba chun a’ Phàrlamaid anns an t-Samhain.    

Tha Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean ga chur air dòigh le Comhairle nan Eilean Siar, Comunn na Gàidhlig agus BBC Radio nan Gàidheal, le maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig, Loganair, Leasachadh Sgilean na h-Alba, Urras Theisteanas na h-Alba, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Baile Ghlaschu.