Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach 2019
Ann an co-bhonn le Bòrd na Gàidhlig, tha Comhairle nan Eilean Siar a’ tabhann cothruim do dh’oileanaich le sgilean Gàidhlig a bhith a’ cosnadh airson deich seachdainean as t-samhradh 2019 aig buidhnean a tha a’ cleachdadh Gàidhlig mar mheadhan obraich gu làitheil. Faodar na deich seachdainean a ruith aig àm sam bith thairis air an t-samhradh, ach feumaidh an greis gnìomhachais a bhith deiseil ro 31 Lùnastal, 2019.
Tha an Sgeama seo air a bhith a’ ruith airson iomadh bliadhna, agus tha e air a bhith air leth soirbheachail ann a bhith a’ toirt cothruim dha na h-oileanaich an sgilean Gàidhlig a leasachadh, agus eòlas a thoirt dhaibh air a bhith ag obair ann an àite-obrach proifeiseanta. Bho thaobh nam buidhnean, tha an Sgeama a’ toirt cothruim dhaibh oileanach fhastadh gus obair air pròiseact sònraichte a dhèanamh, obair ‘s dòcha nach b’ urrainn dhaibh a dhèanamh gun an cuideachadh seo bhon oileanach.
Fiosrachadh mun Sgeama:
- Feumaich na h-oileanaich a bhith ann am foghlam aig ìre adhartach, (ann an oilthigh no ann an colaiste);
- Feumaidh comas labhairt, leughadh agus sgrìobhadh Gàidhlig gu ìre air choreigin a bhith aig na h-oileanaich;
- Feumaidh na h-oileanaich a bhith an dùil tilleadh gu foghlam adhartach as t-fhoghar 2019;
- Feumaidh na buidhnean Gàidhlig a bhith deònach an Tuarastal Bith-beò a phàigheadh do na h-oileanaich (£8.75 gach uair);
- Feumaidh na h-oileanaich a bhith ag obair airson, co-dhiù, 30 uair a thìde gach seachdain a’ greis gnìomhachais, agus;
- Ma ghabhas e a dhèanamh, thathas a’ moladh gun toireadh na buidhnean prìomhachas do dh’oileanaich nach robh air sgeama ron seo.
Ma ‘s e ‘s gur e oileanach a th’ annad le sgilean Gàidhlig, a bhios sna h-Eileanan Siar as t-samhradh, 2019, agus tha ùidh agad san Sgeama, an lìon thu a-steach am Foirm Iarrtais
‘S e 29 Mart, 2019 an ceann-latha airson iarrtasan a bhith a-staigh.