Sgoil Lionacleit Soirbheachail ann an Deasbad Nàiseanta 2019

Ghabh a’ chuairt dheireannach de Dheasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean 2019 àite aig Pàrlamaid na h-Alba air Diardaoin 5 Dubhlachd.   

Joanne agus Marion, Sgiol Lionacleit

Bha deasbad air leth beòthail ri chluinntinn eadar Joanne Laing agus Marion NicCorcadail bho Sgoil Lionacleit agus Raonaid Caimbeul agus Hamish Scott bho Sgoil Sir E Scott.  Ach, aig a’ cheann thall ’s iad Sgoil Lionacleit a bha soirbheachail. `S i Raonaid Caimbeul à Sgoil Sir E Scott a choisinn an sgiath airson an òraidiche as fheàrr.

Bu mhath leis a’ chomataidh taing mhòr a thoirt dhan na buidhnean maoineachaidh agus buidhnean a chur taic ri Deasbad 2019 - Riaghaltas na h-Alba, Loganair, Urras Theisteanas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, Sgilean Leasachaidh na h-Alba, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Baile Ghlaschu, Comunn na Gàidhlig, Radio nan Gàidheal agus Foghlam Alba.