Sgoil Lionacleit an Aghaidh Sir E Scott

Ann an sgioba Sgoil Lionacleit bha Joanne Laing agus Marion NicCorcadail an aghaidh Lewis Boag agus Fionnlagh MacIllinnein bho Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Ghabh Deasbad a bha gu math beòthail àite agus dhearbh gach sgioba sgilean rannsachaidh agus taisbeanaidh a bha làidir dha rìreabh ach cha robh ach aona sgioba gu bhith soirbheachail agus `s iad Sgoil Lionacleit a bha nas làidire air an oidhche a-rèir na britheamhan.

Anns an dàrna deasbad den oidhche bha Sorley Johnston agus Blair Mills bho Acadamaidh Drochaid an Easbaig a’ strì an aghaidh Raonaid Caimbeul agus Hamish Scott bho Sgoil Sir E Scott.  As-dèidh deasbad a bha inntinneach thàinig na britheamhan chun a’ cho-dhùnadh gur e Sgoil Sir E Scott a bha airidh air àite sa chuairt dheireannach.

Thèid a’ chuairt dheireannach eadar Sgoil Lionacleit agus Sir E Scott air adhart a-nochd, 5 Dùbhlachd aig Pàrlamaid na h-Alba agus faodar èisteachd ris beò air BBC Radio na Gàidheal bho 7f. ‘S e a’ chuspair a bhios aca “`S ann anns na bailtean-mòra a bhios na fìor choimhearsnachdan Gàidhlig ann am fichead bliadhna eile.” Anns a’ chathair bidh Eilidh Grant a tha na te naidheachd aig BBC Gàidhlig.

Is iad na britheamhan am bliadhna seo; Agnes Rennie, Boyd Robasdan agus Iain S Moireasdan.

Thèid a’ Chuairt Dheireannach cuideachd a craoladh beò air làrach-lìn a’ Phàrlamaid. Tadhal air Parliament Tv aig 7f air Diardaoin 5 Dùbhlachd airson fhaicinn beò.