Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean 2018

Tha an obair ullachaidh mu choinneamh Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean 2018 air tòiseachadh agus tha a h-uile coltas ann gur e deagh bhliadhna a bhios ann a-rithist don Deasbad!  Thèid a’ chiad dà chuairt a chumail aig Talla a’ Bhaile ann an Steòrnabhagh air Dimàirt agus Diciadain 6mh agus 7mh Samhain.  Ann an 2017 chaidh cuairtean Steòrnabhaigh a chraoladh beò air-loidhne, tro sianal e-Sgoil air You Tube agus bidh Sgioba an Deasbaid  a’ dèanamh cinnteach às gun tèid na cuairtean sin am faicinn air feadh an t-saoghail am bliadhna-sa cuideachd!

Bidh sia sgiobaidhean deug a’ gabhail pàirt ann am farpais 2018. Thèid na ceithir sgiobaidhean le na comharran as àirde troimhe chun na h- iar-chuairtean deireannach.   Bidh na cuairtean deireannach air an cumail ann an Dùn Èideann air Dimàirt agus Diciadain 27mh agus 28mh Samhain 2018.  Tha a’ chomataidh a’ cur fàilte air  Boyd Robasdan agus Agnes Rennie a bhios nam britheamhan air a’ bhliadhna seo agus còmhla riutha bi Iain Stephen Moireasdain. 

Thuirt Calum Iain MacLeòid, Cathraiche air Comataidh Rianachd Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean:

“Tha e duilich a chreids gu bheil faisg air fichead bliadhna on a ghabh a’ chiad deasbad àite ann an Uibhist ann an 1999. Bu mhath leam gu sònraichte taing a thoirt do na buidhnean a leanas airson maoineachadh a thoirt seachad dhuinn air a’ bhliadhna seo:  Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Baile Ghlaschu, Comhairle na Gàidhealtachd, Leasachadh Sgilean na h-Alba, Foghlam Alba agus airson a’ chiad uair a-riamh, Urras Theisteanas na h-Alba.

“An-dèidh soirbheachas do Chalum MacIllInnein agus John Alasdair Bain bho Sgoil MhicNeacail an-uiridh tha sinn gu mòr a’ coimhead air adhart ri farpais a bhios a-rithist aig sàr àrd ìre.”

Thuirt Raibeart Quinn, Ceannard Beurla, Cànain agus Gnìomhachas aig Leasachadh Sgilean na h-Alba: “Tha e na thoileachas mòr dhuinne taic a chur ri Deasbad 2018. Tha an Deasbad a’ toirt cothrom do dh’ òigridh gach cuid leasachadh agus taisbeanadh an cuid sgilean labhairt. Leis gur e 2018 Bliadhna na h-Òige, tha e freagarrach dhuinn taic a thoirt seachad anns an dòigh seo, a’ brosnachadh co-obrachadh agus conaltradh eadar sgoiltean agus a’ cur taic ri cleachdadh teisteanasan agus measaidhean Gàidhlig aig Leasachadh Sgilean na h-Alba, gach cuid luchd-ionnsachaidh agus fileantaich. Tha sinn gu mòr airson `s gu faic sinn barrachd òigridh an sàs sa Ghàidhlig agus tha an Deasbad cudromach ann a bhith a’ sealltainn na cothroman a tha a’ chànan a’ fosgladh an àirde dhaibh.”