Aithisg A’ Taisbeanadh Buadhan Bunaiteach Ann An Com-Pàirteachadh Spòrs Sna H-Eileanan An Iar

Tha aithisg rannsachaidh ùr a thaobh obair spòrsalba air lorg gu bheil buaidh bhunaiteach aig prògraman com-pàirteachaidh le taic bhon bhuidheann nàiseanta airson spòrs, orrasan a tha a’ gabhal pàirt.

Bha an rannsachadh neo-eisimeileach, a chaidh fhoillseachadh le spòrsalba sna seachdainean an dèidh dearbhadh gu bheil ìrean com-pàirteachaidh air prògraman nàiseanta ann an Alba aig an ìre as àirde a bha iad a-riamh, a’ moladh àireamh de phrògraman a’ gabhail a-steach Active Schools airson clann is daoine òga a bhith a’  faireachdain nas fhallaine (98%) agus nas misneachaile (92%).

Rè na bliadhna acadaimigich (2016-2017) chaidh 48,000 tadhal a dhèanamh air seiseanan Active Schools ann an roinn Chomhairle nan Eilean Siar  – meudachadh de 39% thar na dà bhliadhna a dh’fhalbh – a’ daingneachadh na buaidh chudromaich a tha am program a’ toirt air clann agus daoine òga.    

A rèir Frèam Bhuilean Active Scotland (ASOF): aithisg Sgoiltean is Foghlaim agus aithisg Àrainneachdan Chlubaichean is Choimhearsnachdan, air a cur ri chèile le Research Scotland, tha obair spòrsalba a’ brosnachadh dhaoine gu bhith nas gnìomhaich, le 85% de bhuill a’ chluba a’ coileanadh stiùireadh an Àrd-Oifigeir Mheidigich (CMO) airson gnìomhachd chorporra.

Tha an aithisg, a bheachdaich air freagairtean suirbhidh bho 3,000 ball agus 15,000 sgoilear, a’ togail cuideachd air a’ bhuaidh dheimhinnich a tha aig prògraman com-pàirteachaidh a thaobh dèiligeadh le neo-ghnìomhachd le lùghdachadh mòr san raon seo mar gheall air Active Schools agus taic do chlubaichean. Thairis air an ùine rannsachaidh bha 770,000 ball a’ cluich de Bhuidhnean Riaghlaidh na h-Alba (SGB) ann an spòrs.

Prìomh thoraidhean Active Schools a’ gabhail a-steach:

  • 98% de chom-pàirtichean a’ faireachdainn nas fhallaine
  • 92% de chom-pàirtichean a’ faireachdainn nas misneachaile
  • 87% de chom-pàirtichean air caraidean ùra a dhèanamh
  • 76% de chom-pàirtichean àrd-sgoile ag ràdh gu bheil spòrs agus gnìomhachd chorporra gan cuideachadh a’ coileanadh an amasan

Prìomh thoraidhean Club a’ gabhail a-steach:

  • 85% de bhuill a’ chlub a’ coileanadh stiùiridhean gnìomhachd chorporra an Àrd-Oifigeir Mheidigich (dìreach 54% a’ coileanadh nan stiùiridhean mus deach iad don chlub)
  • 91% de bhuill inbheach is àrd-sgoile ag ràdh gu bheil spòrs agus gnìomhachd chorporra gan cuideachadh a’ coileanadh an amasan.
  • 76% de bhuill a’ chlub a’ faireachdainn nas fhaisge air an coimhearsnachd
  • 78% de bhuill a’ chlub a’ faireachdainn nas saorsainneil mar thoradh air com-pàirteachadh

A’ cur fàilte air na toraidhean, thuirt Stiùbhart Harris, Àrd-Oifigear sporsalba:

"Sna bliadhnaichean mu dheireadh tha sinn air meudachadh cudromach fhaicinn ann an com-pàirteachadh spòrs mar thoradh air prògraman nàiseanta air feadh na dùthcha, a’ gabhail a-steach Active Schools agus ar taic do chlubaichean ionadail is mòr-ionadan spòrs coimhearsnachd. Tha ar n-obair sna raointean sin ag atharrachadh beatha mar a chithear bho thoraidhean an rannsachaidh seo. Tha sinn a’ cruthachadh barrachd chothroman is cothroman nas fheàrr do dhaoine de gach aois is comas gu com-pàirteachadh ann an spòrs mar thoradh air na prògraman sin, agus còmhla ri ar com-pàirtichean a’ gabhail a-steach ùghdarrasan ionadail, urrasan chur-seachadan, Buidhnean Riaghlaidh Alba, clubaichean is sgoiltean, tha sinn dìoghrasach mu thogail air an sin."

Thuirt Aileen Chaimbeul, Ministear an Spòrs:

"Tha soirbheachadh lùth-chleasaichean Alba aig Geamannan a’ Cho-fhlaitheis agus toraidhean an rannsachaidh seo, a’ nochdadh fianais shoilleir gu bheil spòrs ann an Alba a’ dol bho neart gu neart is doimhneachd, le spòrsalba agus buidhnean riaghlaidh Alba a’ leasachadh tàlaint agus a’ cruthachadh chothroman aig gach ìre. Tro inbheisteadh is dealas seasmhach nar siostam spòrs iomlan, tha sinn a’ comasachadh dhaoine de gach aois is dualchas gu bhith a’ com-pàirteachadh gu cunbhalach ann an gnìomhachd chorporra air feadh Alba, bho ìre coimhearsnachd troimhe gu ìre coileanaidh."

Tha toraidhean mionaideach anns an aithisg mu cho-ionannachdan, a’ sealltainn gun robh com-pàirteachadh Active School ann an sgìrean Ioma-Bhochdainn (SIMD) coltach ri chèile a dh’aindeoin ìrean bochdainn. Thog e cuideachd air inbheisteadh de £4millean ann an 30 pròiseact air feadh na dùthcha tro Mhaoin Ghoireasan Spòrs spòrsalba.

Thuirt an Comhairliche, Aonghas MacCarmaig, Cathraiche Comataidh Foghlaim, Spòrs is Seirbheisean Chloinne:  

"Tha a bhith ag obair còmhla ri spòrsalba agus buidhnean eile air a’ Chomhairle a chuideachadh a seirbheis do choimhearsnachdan a leasachadh agus dreuchdan Oifigear Mòr-Ionad Spòrs Coimhearsnachd a chur air bhonn sna bliadhnaichean mu dheireadh air an taic luachmhor a bharrachd a sholarachadh do ar coimhearsnachdan air an robh feum airson ìrean gnìomhachd a mheudachadh gu h-ionadail. Tha a’ Chomhairle air in-thasgadh gu mòr ann an goireasan thar nan 15 bliadhna a dh’fhalbh le Active Schools a’ toirt chothroman do dhaoine òga raon fharsaing de spòrs is ghnìomhachdan fheuchainn a-mach. Tha sinn glè thoilichte am meudachadh ann an ìrean com-pàirteachaidh fhaicinn air feadh nan Eilean Siar agus tha a’ Chomhairle a’ cumail suas taic ri ar lùth-chleasaichean tro Phrògram Leasachadh Coileanaidh spòrsalba agus tro Chomann Gheamannan Eilein nan Eilean Siar (WIIGA)."

Tadhailibh air www.sportscotland.org.uk airson làn fhiosrachaidh mun aithisg rannsachaidh.