Comhairle a’ Cur Fàilte air Bile nan Eilean

Tha Comhairle nan Eilean Siar air fàilte a chur air adhartas le Bile (Alba) nan Eilean an dèidh an treas deasbad den Bhile sa Phàrlamaid, feasgar an-dè.

Thuirt Neach-gairm na Comhairle, An Comh. Tormod A. Dòmhnallach: "`S e là eachdraidheil agus clach-mhìle chudromach a bha seo do dh’eileanan na h-Alba agus tha seo mar thoradh air iomairt Ar n-Eileanan Ri Teachd eadar na trì Comhairlean eileanach.

Tha am Bile a’ toirt cothruim daingneachadh am prionnsabail nach eil an aon rud ag obair sa h-uile sgìre, agus cuideachd aithneachadh nach tèid cothromachadh agus ceartas a’ ruighinn aig amannan ach a-mhàin tro atharrachadh ann an reachdas, poileasaidh, ro-innleachd no seirbheisean.

Tha sinne, gach cuid, a’ cur fàilte agus gu làidir den bheachd gu bheil na dearbhaidhean bho Mhinistear Còmhdhail `s na h-Eileanan, BPA Humza Yousaf, agus an fhear a bha san dreuchd roimhe, BPA Derek MacAoidh, a tha mar phàirt de dh’atharrachaidhean Ìre 3 an Riaghaltas, a’ neartachadh am Bile.

Leis cho frionasach `s a tha eaconamaidhean nan eilean, na dùbhlain a thaobh àireamhan-sluagh, agus buaidh gainnead ionmhais agus ghoireasan, tha am Bile a leigeil le na h-eileanan brath a ghabhail air na cothroman fa leth tro riaghlachas aig an ìre is tràithe.

A gluasad air adhart bhon tachartas eachdraidheil seo, bidh na trì Comhairlean eileanach agus com-pàirtichean a’ cur air adhart molaidhean airson Cùmhnant nan Eilean a dh’fhaodadh cruth-atharrachadh a thoirt air ar eaconamaidhean agus coimhearsnachdan.

Tha sinn moiteil às na tha na h-Eileanan a’ cur ri eaconamaidh na dùthcha, farsaingeachd cultar agus inbhe eadar-nàiseanta Alba agus Breatainn. Ach tha sinn cuideachd mothachail gun urrainn dhuinn tòrr mòr a bharrachd a dhèanamh leis a’ mhaoineachadh agus an ro-innleachd ceart.

Dearbhadh a’ mhaoineachadh sin am prìomh amas airson an ath cheum de Chùmhnant nan Eilean eadar na trì Comhairlean Ionadail. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri taic làidir bho Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas Bhreatainn sa phròiseas sin."