Co-chomhairleachadh Poblach : Dreachd Phlana Cànain Gàidhlig 2018-2022
Dreachd Phlana Cànain Gàidhlig Comhairle nan Eilean Siar 2018-2022: Co-chomhairleachadh Poblach
Tha Comhairle nan Eilean Siar air dreachd de Phlana Cànain Gàidhlig 2018-22 a dheasachadh, a rèir Earrannan 3 agus 7 de dh’ Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Tha an Dreachd Phlana seo deiseil a-nis airson a dhol a-mach gu co-chomhairleachaidh poblach airson sia seachdainean, a’ tòiseachadh Dimàirt 10mh Dàmhair, 2017, agus a’ crìochnachadh aig 12.00f air Diluain 20 Samhain, 2017.
Mar sin, tha a’ Chomhairle a’ sireadh bheachdan choimhearsnachdan nan Eilean Siar, beachdan bhuidhnean Gàidhlig ionadail is nàiseanta, agus beachdan ùghdarrasan ionadail air feadh Alba, air susbaint an Dreach Phlana seo. Thèid meòrachadh air na beachdan seo gu lèir mus tèid an dreach mu dheireadh den Phlana a dheasachadh aig deireadh nan sia seachdainean.
Chaidh an Dreach Phlana seo, an treas cuairt de Phlana Cànain Gàidhlig na Comhairle, a dheasachadh an dèidh sgrùdadh mionaideach a chaidh a dhèanamh air amasan, toraidhean agus adhartas a’ Phlana 2013-2017. Chaidh e fa chomhair Comataidh Buileachaidh Plana Gàidhlig an t-seachdain chaidh, far na chur ris Buill an làn-thaic ris.
Thuirt John A MacÌomhair, Cathraiche Comataidh Buileachaidh aig Comhairle nan Eilean Siar: "S e plana lèirsinneach a tha seo le amasan àrd-inbheil a ghabhas an coileanadh. Mar Chomhairle tha sinn gu mòr airson a’ Ghàidhlig a neartachadh anns na h-Eileanan an Iar agus ged a tha sinn mothachail gu bheil obair fhathast ri dhèanamh, tha adhbhar misneachd ann dhan chànain le àireamhan anns na sgoiltean-àraich gu math fallain. Tha sinn an dòchas gum bi an ginealach seo fileanta agus misneachail ann a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig. Tha sinn cuideachd mothachail air an luach eaconamach a th’anns a’ chànain do na h-Eileanan agus tha sinn an dòchas gu bheil am plana a’ daingneachadh na cothroman a th’ ann a thaobh cultar agus dualchas ar cànan.
Mholadh sinn dha duine sam bith aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig, fios a chur thugainn le beachdan air and dreach phlana ron a’ cheann-là".
Tha an Dreach Phlana ri fhaighinn air làrach-lìn na Comhairle.
Bu chòir beachdan sam bith a bhith air an sgrìobhadh ann an litir no post-d, taobh a-staigh nan sia seachdainean, gu:
Dòmhnall Weir
Oifigear Taic na Gàidhlig
Comhairle nan Eilean Siar
Rathad Shanndabhaig
Steòrnabhagh
Eilean Leòdhais
HS1 2BW
post-d: Donald.Weir@cne-siar.gov.uk