Post-Mòd Cèilidh
Bidh Post-Mòd Cèilidh ann an Talla Baile Steòrnabhaigh air Dihaoine 3mh den t-Samhain 2017 aig 7.30f gus leigeil le tàlant na sgìre na sgilean aca a thaisbeanadh.
Cha bhi cosgais na lùib, ach bithear a’ gabhail thabhartasan aig an doras is bidh raffle ann. Thèid prothaidean sam bith chun a’ Chomuinn Ghàidhealaich gus taic a chumail ri daoine leis na cosgaisean aca airson pàirt a ghabhail sa Mhòd.
Son barrachd fiosrachaidh cuiribh brath gu Mira Byrne air mbyrne1u@gnes.net no 01851 822 850.
’S e cothrom math dha-rìribh a bhios ann luchd-ciùil is seinneadairean na sgìre a chluinntinn is tha sinn an dòchas gum bi an talla làn.