Deasbad Nàiseanta Gàidhlig nan Àrd-sgoiltean 2017 – Iar-chuairtean agus Cuairt Dheireannach
Thèid Iar-chuairtean dheireannach Deasbad Nàiseanta Gàidhlig nan Àrd-sgoiltean an cumail Dimàirt sa tighinn, 28 Samhain. Thèid an cumail aig ionad a’ BhBC aig Pacific Quay, Glaschu aig 6.30f. Sa chiad Iar-chuairt, bidh Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu an aghaidh Àrd-sgoil Loch Abair far am bidh iad a’ deasbad, ‘Thathas a’ toirt cus àite dha spòrs anns an dùthaich seo”. San dàrna Iar-chuairt bidh Sgoil MhicNeacail A an aghaidh Àrdsgoil Gheàrrloch agus iad a’ beachdachadh air a’ chuspair, “Feumaidh sinn gabhail ris gu bheil fiosrachadh mionaideach mu ar deidhinn gar cumail sàbhailte agus fallain ann an saoghal an latha an-diugh”. Bidh an dà sgioba a bhuannaicheas na h-Iar-chuairtean a’ coinneachadh sa Chuairt Dheireannach a chumadh am Pàrlamaid na h-Alba an ath oidhche a-rithist, 29 Samhain, far am bidh iad a’ deasbad air a’ chuspair, “Bu chòir Glaschu ainmeachadh mar phrìomh bhaile na h-Alba seach Dùn Èideann.”
Chithear na h-iar-chuairtean-deireannaich beò air duilleag Facebook an Deasbaid https://www.facebook.com/deasbadbtalba bho 6:30f Dimàirt agus bidh a’ chuairt dheireannach air oidhche Diciadain cuideachd beò air an duilleag Facebook agus air BBC Radio nan Gàidheal.
Tha gach tachartas fosgailte don phoball ach, ri linn tèarainteachd aig Pàrlamaid na h-Alba, feumar fios fhàgail ro-làimh aig oifis@cnag.org ma tha sibh an dùil a’ Chuairt Dheireannach a fhrithealadh.