Feumaidh luchd-siubhail am Bàt-aiseig a Bhucadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar còmhla ri Caledonian Mac a’ Bhruthainn, Poileas Alba agus Ùghdarras Port Steòrnabhaigh a’ moladh dha luchd-siubhail seirbheisean bus agus bàt-aiseag a bhucadh cho tràth `s a ghabhas. Tha Caledonian Mac a’ Bhruthainn mu thràth air a’ ràdh gu feum daoine a’ bhios a’ coiseachd air bòrd eadar an 16mh-24mh den t-Iuchar, bucadh a dhèanamh oir tha dùil gum bi na h-aiseagan loma-làn dhaoine a’ tighinn chun na h-eileanan airson Fèis Cheilteach Innse Gall.

Thuirt An Comhairliche, Uisdean MacDhonnchaidh, Cathraiche Comataidh Còmhdhail agus Bun-structair aig  Comhairle nan Eilean Siar: "Tha sinn air ar dòigh gu bheil an uimhir de dhaoine a’ tighinn chun na h-eileanan thairis air an t-samhraidh agus tha fadachd oirnn fàilte a’ chur orra. Bidh seachdain an Fhèis gu h-àraid trang leis an t-aiseag eadar Ulapul agus Steòrnabhagh agus seirbheisean eile loma-làn agus tha sinn airson dùmhlachd agus dàil a’ sheachnadh. Mholainn dha luchd-siubhal a tha a’ siubhal le càr no a’ coiseachd air bòrd, dèanamh cinnteach gun dèan iad bucadh cho luath `s a ghabhas agus a bhith aig a’ phort cho tràth `s as urrain dhaibh air an là.

Tha e cuideachd cudromach dha-rìribh dha daoine a’ tha an dùil siubhal air a’ bhus eadar Ulapul agus Inbhir-Nis bucadh a dhèanamh le Citylink air an larch-lìn aca, no le bhith a’ cur fòn gu 0141-352-444, co-dhiù 48 uairean a’ thìde ron àm gus nach bi iad air am fàgail mì-thoilichte."