Freagairt Na Comhairle Mu Bhile Na Gàidhlig

Freagairt na Comhairle

  1. A bheil e ceart gum biodh àite aig a' Ghàidhlig mar aon de chànainean na h-Alba ann an reachdas?

    Tha e cothromach gu leòr don Ghàidhlig a bhith a gabhail seilbh air gur i an cànan Albanach as sine agus tha i fhathast a cluich pàirt bhunaiteach ann am beatha na h-Alba, agus tha cruthachadh ar iomhaigh nàiseanta ann am pàirt an urra rithe. Anns a' Mhàirt 2000, chuir Riaghaltas Bhreatainn an ainm ri Càirt Eòrpach airson Cànanan Ròinneil no Mion-Chànain agus chaidh an Càirt seo a dhaingneachadh anns an Iuchar 2001. Ged a thug an daingneachadh seo inbhe nas fheàrr don Ghàidhlig, feumaidh reachdas sònraichte a chur ri Achd na Gàidhlig a bheir còirichean do luchd-labhairt na Gàidhlig air an cànan a chleachdadh ann an suidhichidhean àraidh. Feumaidh an Achd dèanamh cinnteach gu bheil co-ionnanachd aig Gàidhlig ri Beurla agus a'toirt air falbh, aon uair agus gu tur, a mhì-chìnnt a th'ann ann an dàimh ri inbhe laghail agus oifigel na Gàidhlig an taobh-staigh na h-Alba.

  2. Am bu chòir na dreuchdan air an sònrachadh ann an earrann 1 den dreachd Bhile a bhith aig Bòrd na Gàidhlig?

    Tha Earrann 1 den dreachd Bhile a' tairgse gnìomhan coitcheann a bhuileachadh air Bòrd na Gàidhlig ann a bhith a' brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig agus a' toirt comhairle do mhinistearan air cùisean co-cheangailte ri cànan agus cultur na Gàidhlig.

    Tha e deatamach gum bi na gnìomhan air a mìneachadh ann an earrann 1 aig Bòrd na Gàidhlig ach tha e a cheart cho deatamach chan e a-mhàin gun tèid a chumhachd airson na gnìomhan a bhuileachadh air Bòrd na Gàidhlig ach gun tèid maoineachadh mu choinneamh na h-amasan sin a choilionadh. Ann an Aithisg MhicaPhearsain – Ag Ath-bheòthachadh Gàidhlig: Neamhnuid Nàiseanta chaidh moladh gum biodh £10 milean mar am buidseat tòiseachaidh as lugha airson leasachadh agus taic don Ghàidhlig. Ma tha Bòrd na Gàidhlig a' dol a choilionadh na h-amasan mìnichte ann an Earrann 1 den dreachd Bhile feumaidh Riaghaltas na h-Alba buidseat a stèidheachadh a cheadaicheas do Bhòrd na Gàidhlig a bhith eifeachadh ann an ath-nuadhachadh cànan na Gàidhlig.

    Tha e cuideachd deatamach do Riaghaltas na h-Alba an làn thaic a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig, aig an àm seo agus anns an àm ri teachd. Cha bu chòir do Bhòrd na Gàidhlig a bhith air an cuir ann an suidheachadh far a bheil e-fhèin a-mhàin le uallach airson sochair a chànain. Ann a bhith a' stèidheachadh Bòrd na Gàidhlig chan fheum seo a bhith na leisgeul do Riaghaltas na h-Alba an uallach fhèin ann an dàimh ri Gàidhlig a leigeal seachad. Faodaidh Bòrd na Gàidhlig a bhith èifeachdach nan riochd fhèin ach as aonais taic fad ùine bhon Riaghaltas tha e duilich faicinn ciamar a thèid aig Bòrd na Gàidhlig air coinneachadh ri mòr-mhiannan coimhearsnachd na Gàidhlig.

  3. Am bu chòir na riatanasan ann an earrannan 2 gu 3 den dreachd Bhile a bhith air an cur air Bòrd na Gàidhlig?

    Tha earrannan 2 agus 3 den dreachd Bhile a cuir uallach air Bòrd na Gàidhlig gu plàna Nàiseanta Gàidhlig ullachadh agus gu seòladh agus taic a thoirt do bhuidhnean poblach ann a bhith a' deasachadh na planaichean cànain Gàidhlig aca fhèin.

    Tha e ceart agus cothromach gum bo chòir na h-uallaichean airson cànan Nàiseanta na Gàidhlig a bhith air Bòrd na Gàidhlig. Ro thric anns an àm a dh'fhalbh tha ro-ionnleachdan airson taic don Ghàidhlig air a bhith dealbhte le rùn math ach gun co-aonachd no soilleireachd. Gus coinneachadh ri mòr-mhiannan coimhearsnachd na Gàidhlig, feumar ceumannan làidir, radaigeach agus deimhinneach a ghabhail airson a' chànain anns an 21 linn. Tha e deatamach gun tèid plana Nàiseanta Gàidhlig a leasachadh a tha sgiobalta, co-òrdanaichte, air a dhealbh agus air a mhaoineachadh ann an dòigh ceart agus gun dàil sam bith agus se Bòrd na Gàidhlig an aon bhuidheann a tha comasach air an seo a lìbhrigeadh. A-rithist, tha e cudthromach cuideam a chuir air nach tèid aig a Bhòrd air an seo a choilionadh gun taic agus deagh-rùn bho Riaghaltas agus Pàrlamaid na h-Alba.

    Ann a bhith a' togail iomhaigh na Gàidhlig ann an Alba, tha e soilleir gu feum gach buidheann poblach nàiseanta mòr poileasaidhean Gàidhlig ullachadh agus a leasachadh le co-obrachadh agus taic bho Bhòrd na Gàidhlig. Bithidh leasachadh air inbhe a' chànain aig ìre nàiseanta èifeachdach ma bhios dleastanas reachdail air buidhnean ainmichte nàiseanta gus na planaichean agus na poileasiadhean sin ullachadh. Ma se dleastanas saor-thoileach a th'air buidhnean gu a leithid a phoileasaidhean ullachadh lùghdaichidh seo inbhe a' Bhùird agus tarraingidh e buaireadh neo-fheumail a bheir aire air falbh bho oidhirpean gus an cànan ath-bheòthachadh.

  4. Am bu chòir na h-ùghdarrasan ann am pàipear-taice 1, paragraf 11 den dreachd Bhile a bhith air an toirt do Bhòrd na Gàidhlig?

    Bu chòir.

  5. A bheil nithean eile seach na tha an earrann 5(5) den dreachd Bhile, dham bu chòir buidhnean poblach aire a thoirt ann an co-dhùnadh am bu chòir dhaibh plana-cànain Gàidhlig ullachadh?

    Chan eil e ciallach a bhith a smaoineachadh gu sàbhal aon Achd a' Ghàidhlig, ach tha e cudthromach gum bi planaichean no poileasaidhean Gàidhlig aig na buidhnean mòr poblach ann an Alba. Togaidh seo fhèin iomhaigh na Gàidhlig, a' meudachadh a h-inbhe ann an suilean an t-sluaigh. Bheir e cuideachd togail inntinn do luchd-labhairt agus do luchd-ionnsachaidh air sgàth is gu leudaich e na suidhichidhean anns an gabh a' Ghàidhlig a cleachdadh. Chan eil e riatanach do gach buidheann an aon seòrsa poileasaidh Gàidhlig a bhith aca, ach tha e cudthromach gum bi seòrsa de phoileasaidh aig gach buidheann nàiseanta, a bhiodh air ullachadh le taic agus comhairle bho Bhòrd na Gàidhlig. Gus an Achd a bhith èifeachdach dh'fheumadh uallach reachdail a bhith air buidhnean poblach ainmichte gu poileasaidhean Gàidhlig a dheasachadh.

  6. Am bu chòir riatanas a chur air buidhnean poblach a bhith a' beachdachadh a bheil e iomchaidh plana-cànain Gàidhlig ullachadh agus fhoillseachadh a' mìneachadh am poileasaidhean agus nan seirbheisean a bhios iad a' tabhann sa Ghàidhlig?

    Bu chòir gum biodh e na dhleasdanas reachdail air buidhnean poblach plana no poileasaidh cànan Gàidhlig ullachadh. Bu chòir do gach buidheann ann an co-bhonn ri Bòrd na Gàidhlig a thighinn gu co-dhùnadh air de an ìre aig am feumadh am poileasaidh aca a bhith stèidhichte. Chan eil e riatanach gur e an aon seòrsa plana a bhiodh aig na buidhnean uile, ach gus an Achd a bhith èifeachdach, feumaidh gach buidheann poblach plana cànan fhoillseachadh a tha freagarrach airson an sgìre a tha iad a frithealaladh no na seirbheisean a tha iad a' toirt seachad.

  7. Am bu chòir don Bhile dleastanas a chur air Bòrd na Gàidhlig a bhith a' cuideachadh agus a' comhairleachadh buidhnean poblach ann an ullachadh planaichean-cànain Gàidhlig?

    Tha e riatanach do dh'ibhe Bòrd na Gàidhlig gum bi e an sàs ann an bhith a' toirt taic agus comhairle do bhuidhnean poblach aig an ìre far a bheil iad ag ullachadh planaichean cànan Gàidhlig. Bhiodh a chomhairle sin a' sònrachadh na slatan-tomhais a bu chòir do na buidhnean poblach gabhail a-steach ann a bhith a daingneachadh na ro-innleachdan aca fhèin. Bu chòir comhairle bho Bhòrd na Gàidhlig gu na buidhnean poblach a bhith air an dearbhadh ann an co-bhonn ri na Ministearan iomchaidh aig Riaghaltas na h-Alba.

  8. Am bu chòir don Bhile riatanas a chur air Bòrd na Gàidhlig a bhith ag ullachadh stiùireadh mu planadh cànain Gàidhlig?

    Gus dèanamh cinnteach gu bheil co-chòrdadh nàiseanta ann am planadh cànain Gàidhlig, tha e air leth cudthromach gun tèid cumhachdan a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig anns a' Bhile gu bhith ag ullachadh stiùireadh nàiseanta air planadh cànain Gàidhlig.

  9. Am bu chòir dleastanas a bhith aig Bòrd na Gàidhlig ann an comhairleachadh ùghdarrasan foghlaim agus Riaghaltas na h-Alba mu phlanaichean airson Foghlam meadhan-Gàidhlig a' sruthadh bho Achd 2000?

    Se prìomh thargaid do Bhòrd na Gàidhlig ann an co-bhon ri Riaghaltas na h-Alba aireamh luchd-labhairt na Gàidhlig a mheudachadh agus mar sin se cnag na cùise gum bi ullachadh foghlaim a biadhadh ath-bheòthachadh na Gàidhlig. Ma tha Gàidhlig gu bhith maireann feumaidh Foghlam Meadhan Gàidhlig a bhith fàs dha rèir. Mar sin, tha e riatanach gum bi dleastanas aig Bòrd na Gàidhlig ann a bhith a' toirt comhairle do dh'Ùghdarrasan Foghlaim agus Riaghaltas na h-Alba air planaichean airson Foghlam Meadhan Gàidhlig a' sruthadh bho Achd 2000, ach as aonais làn thaic na Riaghaltais bithidh e do-dhèanta do Bhòrd na Gàidhlig a bhith a cuir an gnìomh na h-ullaichidhean a th'ann an Achd Inbhean ann an Sgoiltean 2000. Da-rìreabh, tha e soilleir nach do neartaich Achd 2000 suidheachadh Foghlam Meadhan Gàidhlig ann an dòigh èifeachdach sam bith.

    Chan eil coltach gu bheil Achd Inbhean ann an Sgoiltean na h-Alba 2000 a cur dleastanas reachdail air Ùghdarrais Ionadail gu Foghlam Meadhan Gàidhlig ullachadh far a bheil iarrtas reusanta. Gus Achd 2000 a bhith èifeachdach feumaidh Riaghaltas na h-Alba dèanamh cinnteach gu bheil Ùghdarrasan Foghlaim a' coilionadh Achd 2000 gu dèarbhadh gu bheil an leudachadh agus an leasachadh ann an aireamhan agus inbhe Aonadan Meadhan Gàidhlig a leantainn. Bu chòir Bòrd na Gàidhlig obrachadh còmhla ri Riaghaltas na h-Alba gu sùil a chumail air a bheil Ùghdarrasan Foghlaim a coinneachadh amasan Prìomhachasan Nàiseanta ann am Foghlam ann an dàimh ri Foghlam Meadhan Gàidhlig. Cha bu chòir don uallach airson cuir an gnìomh èifeachdach de dh'Achd 2000 a bhith air a chur air Bòrd na Gàidhlig ged a bu chòir don Bhòrd a bhith a' gabhail làn phàirt ann a bhith a' toirt comhairle agus taic do dh'Ùghdarrasan Foghlaim ann a bhith a' measadh agus a' leasachadh na planaichean aca.

  10. A bheil sibh airson beachd a thoirt air nithean sam bith eile ann an dreachd Bhile na Gàidhlig?

    Bho chaidh Comhairle nan Eilean Siar a stèidheachadh ann an 1974 mar Ùghdarras Uile Sheirbheis, tha i air a bhith dealasach do dh'adhbhar na Gàidhlig air iomadh taobh agus tha i air daingneachadh mar aon de a prìomh amasan a bhith “a brosnachadh cànan agus cultur na Gàidhlig.”

    Tha Comhairle nan Eilean Siar a' cur fàilte air foillseachadh dreachd Bhile na Gàidhlig agus a' coimhead air adhart ri Achd na Gàidhlig a bhith ga cur an gnìomh ann an ùine gun a bhith fada.

    • Tha Comhairle nan Eilean Siar den bheachd gum bi dleastanas Bòrd na Gàidhlig bunaiteach ann a bhith ag ath-bheòthachadh na Gàidhlig. Ma tha Bòrd na Gàidhlig a' dol a choilionadh mòr-mhiannan coimhearsnachd agus luchd-taic na Gàidhlig anns an duthaich, feumaidh cumhachdan reachdail a bhuileachadh air gu ro-innleachdan leasachaidh ullachadh agus an cuir an gnìomh a stèidhicheas suidhichidhean far am fàs a' Ghàidhlig. Feumaidh cumhachdan a bhith aig Bòrd na Gàidhlig airson planadh nàiseanta don Ghàidhlig agus impidh a chuir air buidhnean poblach eile a bhith ag obair anns a' phroiseas sin. Eadhon le sin, cha bhì e comasach do Bhòrd na Gàidhlig an amasan no an prìomhachasan a choilionadh as aonais maoineachadh iomchaidh. Tha e cudthromach neartachadh beachd na Comhairle nach tèid aig Bòrd na Gàidhlig air lìbhrigeadh plana leasachadh ro-innleachdail nàiseanta gun làn-thaic agus daingneachadh fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba
    • Tha Comhairle nan Eilean Siar den bheachd gum bu chòir don Ghàidhlig a bhith aithnichte ann an reachdas mar aon de chànanan na h-Alba agus gum bi Achd na Gàidhlig a' dèanamh cinnteach gu bheil Gàidhlig da-rìreabh a' faighinn co-ionnanachd le Beurla agus a' sguabadh as aon uair agus gu tur a mhì-chinnt a tha nochdadh ann an dàimh ri inbhe laghail agus oifigeil na Gàidhlig ann an Alba. A' giorrachadh, bu chòir aithris soilleir a bhith anns a' Bhile gur e cànan nàiseanta a th'anns a' Ghàidhlig le inbhe co-ionnan ri Beurla
    • Tha Comhairle nan Eilean Siar den bheachd gum bu chòir dleastanas reachdail a bhith air buidhnean poblach nàiseanta air an ainmeachadh anns a' Bhile gu planaichean cànan Gàidhlig ullachadh. Bu chòir do na planaichean sin a bhith air an ullachadh le taic agus comhairle bho Bhòrd na Gàidhlig agus a' gabhail suim de na slatan-tomhais aontaichte le Bòrd na Gàidhlig agus Riaghaltas na h-Alba. Chan eil e deatamach gum bi planaichean cànan Gàidhlig coltach aig na buidhnean nàisenata or cha tig an aon phlan air a h-uile buidheann. Bu chòir do phlanaichean a bhith air an dealbh a rèir stiùireadh air slatan-tomhais nàiseanta agus lèir-mheas ga dhèanamh a h-uile trì bliadhna
    • Gu piseach agus fàs a thoirt air Gàidhlig, tha e air leth cudthromach gun tig meudachadh air aireamh luchd-labhairt na Gàidhlig agus gu ìre mhòr tha seo an crochadh air leudachadh a thoirt air Foghlam Meadhan Gàidhlig. Tha e coltach nach deach aig Achd Inbhean ann an Sgoiltean 2000 air adhartas a thoirt air Foghlam Meadhan Gàidhlig ann an dòigh èifeachdach sam bith. Feumaidh Ministearan Riaghaltas na h-Alba dèanamh cinnteach gu bheil Ùghdarrasan Foghlaim ann an Alba a coilionadh Achd 2000 a' toirt còir reachdail do chlann air Foghlam Meadhan Gàidhlig far a bheil aireamhan reusanta ga iarraidh. Bu chòir do Bhòrd na Gàidhlig comhairle a thoirt air Ùghdarrasan Foghlaim an Alba gu planaichean Foghlam Meadhan Gàidhlig a leasachadh, ach feumaidh uallach a bhith air Riaghaltas na h-Alba airson dèanamh cinnteach gu bheil na h-Ùghdarrasan Foghlaim a' coilionadh teirmean Achd 2000 a-thaobh Foghlaim Meadhan Gàidhlig. Tha Comhairle nan Eilean Siar air nochdadh anns a' Phoileasaidh Ghàidhlig gu bheil mainn ann gluasad gu Foghlam Meadhan Gàidhlig a bhith àbhaisteach le ullachadh fa leth ga dhèanamh airson Foghlam Meadhan Beurla. Bheir seo ùine mus tig e gu bith, gu sònraichte a-thaobh goinne luchd-teagaisg Meadhan Gàidhlig, ach ghabhadh seo a dhèanamh nas fhasa le còir reachdail ga thoirt do dh'Fhoghlam Gàidhlig agus chuireadh seo as don eagal gu faodte an dòigh ionnsachaidh seo a chall
    • Tha dleastanas sònraichte aig Foghlam Meadhan Gàidhlig ri chluich ann an leasachadh Gàidhlig agus feumaidh seo maoineachadh dha rèir, chan ann a-mhàin a-thaobh foghlam ach cuideachd anns a' choimhearsnachd gu prògram freagarrach de thachartasan taobh-muigh na sgoile a chuireadh ri Foghlam Meadhan Gàidhlig anns na sgoiltean
    • Ged nach eil craoladh Gàidhlig anns a' Bhile, tha Comhairle nan Eilean Siar den bheachd gu bheil dleastanas sònraichte aig craoladh ri chluich ann an ath-nuadhachadh agus ath-bheòthachadh na Gàidhlig. Le siostam analogue dha dhùnadh sìos agus a' gluasad gu siostam digiteach, tha e cudthromach gun tèid seanail telebhisean digiteach Gàidhlig a chruthachadh. Feumaidh maoineachadh iomchaidh a bhith air a dhèanamh airson seanail digiteach Gàidhlig agus bhiodh e na dhaingneachadh cumhachdach don Ghàidhlig nan sealladh Riaghaltas na h-Alba ri ro-innleachdan ùr gu airgead a bharrachd a chuir ris an stòras a tha tighinn bho Riaghaltas Bhreatainn