Taic-airgid do Phròiseactan Beaga Gàidhlig

Stiùireadh Do Thagraichean

Fiosrachadh

‘S e dleastanas na Comhairle, tro bhith buileachadh a Poileasaidh Gàidhlig, àrainneachd freagarrach a chruthachadh gus am bith Gàidhlig a fàs agus seasmhach anns na h-Eileanan an Iar.

Bho chaidh a chur an sàs, mar chuibhreann na Comhairle aig a bheil dleastanas airson  am Poileasaidh Gàidhlig a thoirt gu buil, agus air a bheil uallach sùil a chumail air buileachadh Plana Cànan nan Eilean Siar 2007-12.  Tha Sgioba na Gàidhlig an dè bhith dèanamh an dìcheall, le taic airgid bhon bhuidseat aca fhèin, taic a chumail ri pròiseactan beaga ionadail ann an gach coimhearsnachd de na h-Eileanan an Iar, a tha cumail taic ri agus a brosnachadh Gàidhlig.

Tha an taic seo den Ghàidhlig ann an coimhearsnachdan nan Eilean Siar na phàirt chudromach de Phlana Cànan nan Eilean Siar 2007-2012, far a bheil trì Amasan Innleachdail.  ‘S iad:

  • Gàidhlig a neartachadh mar cànan teaghlaich anns na h-Eileanan an Iar
  • Gàidhlig a neartachadh mar cànan coimhearsnachd anns na h-Eileanan an Iar
  • An àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig anns na h-Eileanan an Iar a mheudachadh

Slatan-tomhais Ion-roghnachd

Tha iarrtasan airson taic airgid air an iarraidh bho luchd-tagraidh a choileanas na slatan-tomhais a leanas:

  1. Feumaidh luchd-tagraidh a bhith stèidhichte anns na h-Eileanan an Iar.
  2. Bu chòir luchd-tagraidh a bhith nam buidhnean coimhearsnachd le bun-stèidh, comain neo-cheangailte, companaidhean earranta, co-chomainn no com-pàirteachasan.
  3. Feumaidh pròiseactan aon no barrachd de na trì Amasan Innleachdail bho Plana Cànan nan Eilean Siar 2007-2012 a’ choileanadh, mar a tha mìnichte gu h-àrd.  Le barrachd de na Amasan Innleachdail air an coileanadh, ‘s ann a tha an coltas nas motha gum bith iad soirbheachail.
  4. Feumaidh pròiseactan comas lìbhrigidh a shealtainn
  5. Feumaidh pròiseactan luach is fheàrr a sholarachadh

A bharrachd air an seo, bidh pròiseactan a tha toirt a-steach maoineachadh no taic bho bhuidhnean eile air a coimhead riutha gu fàbharach.

Crìoch a’ Phròiseact

Aig crìoch a’ phròiseact, bithear a sùileachadh aithisg bhon neach-tagraidh air adhartas agus builean na pròiseact, ciamar a chaidh maoin sam bith a chosg, agus na dòighean a chaidh co-dhiù aon de na trì Amasan Innleachdail bho Phlana Cànan nan Eilean Siar 2007-2012 a choileanadh.

Foirm-Iarrtais

Foirm-iarrtais airson Taic-airgid (82.5kB) (Opens in a new window or downloads a file)

Foirm-iarrtais airson Taic-airgid (193.4kB) (Opens in a new window or downloads a file)