Poileasaidh agus Plana Gàidhlig na Comhairle

Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

Poileasaidh Gàidhlig na Comhairle

On a thòisich a’ Chomhairle ann an 1975, tha i air a’ Ghàidhlig a chur air adhart ann an iomadh dòigh agus tha poileasaidh dà-chànanach air a bhith aig a’ Chomhairle on fhìor thoiseach.

Anns an Dàmhair 2004, dh’fhoillsich Comhairle nan Eilean Siar am poileasaidh Gàidhlig ath-sgrùdaichte aca. ‘S e amas a’ phoileasaidh anns an fharsaingeachd gum bi na h-Eileanan an Iar na coimhearsnachd dhà-chànanach far a bheil an aon ùghdarras aig a’ Ghàidhlig agus a’ Bheurla mar mheadhan conaltraidh.

Mar a mhìnich Neach-gairm na Comhairle Ailig A Dòmhnallach aig àm an fhoillseachaidh:
"Tha am Poileasaidh a bualadh air na prìomh nìthean a tha nochdadh ann am Bile na Gàidhlig mar a chaidh atharrachadh leis an Riaghaltas agus tha sinn an dùil gum bi am Poileasaidh a’ fighe a-steach dhan Phoileasaidh Nàiseanta don chànan. Tha mi gu sònraichte toilichte gu bheil foghlam meadhan Gàidhlig a’ faighinn barrachd inbhe anns a’ Bhile ùr agus gu bheil cumhachdan air am buileachadh air Bòrd na Gàidhlig a cheadaicheas dhaibh an t-slighe air adhart a dhearbhadh nas cinntiche. Tha Comhairle nan Eilean Siar a’ faicinn foghlam meadhan Gàidhlig mar aon de na prìomh nithean a chuireas spionnadh ann an ath-bheothachadh a’ chànain agus bithidh sinn an dòchas na tha air aithris anns a’ phoileasaidh a chuir an gnìomh thairis air na bliadhnachan a tha romhainn”.

Poileasaidh Gàidhlig na Comhairle

Dreachd Plana Gàidhlig na Comhairle 2019-22

Thàinig Achd na Gàidhlig (Alba) 2006 gu buil air 13 Gearran 2006 agus stèidhich an Achd buidheann reachdail, neo-roinneil, Bòrd na Gàidhlig, aig an robh dleastanas plana nàiseanta airson a’ Ghàidhlig a chur an gnìomh. Anns an Fhaoilleach 2008 dh’fhoillsich Comhairle nan Eilean Siar am Plana Cànain aca fhèin gu h-oifigeil.

‘S iad prìomh amasan na Plana:

  • Inbhe na Gàidhlig a leasachadh;
  • Ionnsachadh na Gàidhlig a chur air adhart, agus;
  • Cleachdadh meudaichte na Gàidhlig a bhrosnachadh.

Plana Gàidhlig na Comhairle 2019-22 (1-23) (222.9kB) (Opens in a new window or downloads a file)

Plana Gàidhlig na Comhairle 2019-22 (24-59) (286.4kB) (Opens in a new window or downloads a file)

Comataidh Buileachaidh Cànan na Comhairle

Chaidh Comataidh Buileachaidh Cànan Comhairle nan Eilean Siar a’ stèidheachadh anns a Ghearran 2008 agus ‘s e prìomh amas na Comataidh Plana Cànan na Comhairle a bhuileachadh, chan e a-mhàin taobh a-staigh na Comhairle ach as a’ choimhearsnachd. Mar a mhìnich an Comhairliche Agnes Rennie, Cathraiche a’ Chomataidh: “A thuilleadh air an uallach a tha air Sgioba na Gàidhlig gus am Plana a leasachadh, a bhuileachadh agus a sgrùdadh, tha e na dleastanas oirnne mar Chomataidh, dèanamh cinnteach gu bheil an Comhairle air fad a coileanadh targaidean a’ Phlana. Tha sinne cuideachd a toirt seachad maoineachadh Pròiseact Gàidhlig, a bhios ri faotainn airson pròiseactan Gàidhlig a cheanglas ri targaidean Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus Plana Gàidhlig na Comhairle”.

Buill a’ Chomataidh

  • MGR IAIN A MACÌOMHAIR (CATHRAICHE)
  • MGR ALASDAIR MACLEÒID (IAR NEACH-CHARACH)
  • MGR CALUM MAC A MHAOILEIN
  • MGR DÒMHNALL MANFORD
  • MGR UISDEAN MACDHONNCHAIDH
  • MGR RUAIRIDH MACAOIDH
  • MGR FIONNLAGH COINEAGAN
  • MGR TORMOD A DÒMHNALLACH
  • MGR GORDON MOIREACH
  • MGR DÒMHNALL CRICHTON
  • MGR IAIN MACAOIDH
  • MGR COINNEACH MACLEÒID